歌手:
Julie Fowlis
专辑:
《Mar A Tha Mo Chridhe (As My Heart Is)》作曲 : Traditional
Feasgar ciùin an tùs a' Chèitein \t
Nuair bha 'n ialtag anns na speuran \t
Chualaim rìbhinn òg 's i deurach \t
'Seinn fo sgàil nan geugan uain' \t
Bha a' ghrian 'sa chuan gu sìoladh \t
'S reult cha d' èirich anns an iarmailt \t
Nuair a sheinn an òigh gu cianail \t
\"Tha mo ghaol air àird a' chuain\" \t
\t
Thòisich dealt na h-oidhch' ri tùirling
'S lùb am braon gu caoin na flùrain \t
Shèid a' ghaoth 'na h-oiteig chùbhraidh \t
Beatha 's ùrachd do gach cluan \t
Ghleus an nighneag fonn a h-òrain \t
Sèimh is ciùin mar dhriùchd an Òg-mhìos \t
'S bha an t-sèisd seo 'g èirigh 'n còmhnaidh \t
\"Tha mo ghaol air àird a' chuain\" \t
\t
Chiar an latha is dheàrrs' na reultan \t
Sheòl an rè measg neul nan speuran \t
Shuidh an òigh, bha 'bròn 'ga lèireadh \t
'S cha robh dèigh air tàmh no suain \t
Theann mi faisg air reult nan òg-bhean \t
Sheinn mu 'gaol air chuan 'bha seòladh \t
O bu bhinn a caoidhrean brònach \t
\"Tha mo ghaol air àird a' chuain\"
\t
Rinn an ceòl le deòin mo thàladh \t
Dlùth do rìbinn donn nam blàth-shul \t
'S i ag ùrnaigh ris an Àrd-Rìgh \t
\"Dìon mo ghràdh 'th' air àird a' chuain\" \t
Bha a cridh' le gaol gu sgàineadh \t
Nuair a ghlac mi fhèin air làimh i \t
\"Siab do dheòir, do ghaol tha sàbhailt \t
Thill mi slàn bhàrr àird a' chuain\"