歌手:
Julie Fowlis
专辑:
《My Love Is On the High Seas (Tha Mo Ghaol Air Aird a' Chuain)》Feasgar ciùin an tùs a' Chèitein
Nuair bha 'n ialtag anns na speuran
Chualaim rìbhinn òg 's i deurach
Seinn fo sgàil nan geugan uain
Bha a' ghrian 'sa chuan gu sìoladh
'S reult cha d' èirich anns an iarmailt
Nuair a sheinn an òigh gu cianail
“Tha mo ghaol air àird a' chuain”
Thòisich dealt na h-oidhch' ri tùirling
'S lùb am braon gu caoin na flùrain
Shèid a' ghaoth 'na h-oiteig chùbhraidh
Beatha 's ùrachd do gach cluan
Ghleus an nighneag fonn a h-òrain
Sèimh is ciùin mar dhriùchd an g-mhìos
'S bha an t-sèisd seo 'g èirigh 'n còmhnaidh
“Tha mo ghaol air àird a' chuain”
Chiar an latha is dheàrrs' na reultan
Sheòl an rè measg neul nan speuran
Shuidh an òigh, bha 'bròn 'ga lèireadh
'S cha robh dèigh air tàmh no suain
Theann mi faisg air reult nan òg-bhean
Sheinn mu 'gaol air chuan 'bha seòladh
O bu bhinn a caoidhrean brònach
“Tha mo ghaol air àird a' chuain”
Rinn an ceòl le deòin mo thàladh
Dlùth do rìbinn donn nam blàth-shul
'S i ag ùrnaigh ris an rd-Rìgh
“Dìon mo ghràdh 'th' air àird a' chuain”
Bha a cridh' le gaol gu sgàineadh
Nuair a ghlac mi fhèin air làimh i
“Siab do dheòir, do ghaol tha sàbhailt
Thill mi slàn bhàrr àird a' chuain”